Skip to main content

Lìonra sòisealta nach gabh a reic

Bu chòir na tha cudromach dhut-sa nochdadh ’nad dhachaigh seach na tha corporaid dhen bheachd gum bu chòir dhut fhaicinn. Seo meadhanan sòisealta gu tur diofraichte, air ais ann an làmhan an t-sluaigh.

Cùm smachd air an loidhne-ama agad

Chan eil duine sam bith nas eòlaiche air na bu mhiann leat fhaicinn air do dhachaigh na thu fhèin. Cha chaith algairim no sanasachd d’ ùine. Lean duine sam bith air frithealaiche Mastodon sam bith on aon chunntas agus faigh na postaichean aca ann an òrdugh na h-ama agus cuir dreach nas pearsanta air an oisean agad-sa dhen eadar-lìon.

Stèidhich d’ èisteachd le misneachd

Bheir Mastodon comas sònraichte dhut gun stiùirich thu d’ èisteachd gun eadar-mheadhanaich. Ma ruitheas tu Mastodon air a’ bhun-structar agad fhèin, ’s urrainn dhut frithealaiche Mastodon sam bith a leantainn air loidhne ’s an caochladh agus cha bhi smachd aig duine sam bith air ach agad fhèin.

Cho cruthachail ’s a ghabhas

Cuiridh Mastodon taic ri postaichean le faidhlichean fuaime, videothan is dealbhan, tuairisgeulan so-ruigsinneachd, cunntasan-bheachd, rabhaidhean susbainte, avataran beòthaichte, emojis gnàthaichte, smachd air bearradh nan dealbhagan is mòran a bharrachd ach an cuir thu do bheachdan an cèill air loidhne. Ge b’ e a bheil thu a’ foillseachadh an obair-ealain, an ceòl no am pod-chraoladh agad, tha Mastodon ri làimh dhut.